Seirbheisean
CEÒL
Chaidh Stiùidio Ostaig a chleachdadh sna beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad mar àite clàraidh airson cuid de na clàran ciùil thraidiseanta as fheàrr an Alba a dhèanamh, a leithid Dàimh (Hebridean Sessions, Tuneship, The Rough Bounds), Fras (Dìle), Eilidh Shaw agus Ross Martin (Birl-esque) agus iomadh clàr eile. Tha sinn cuideachd air seiseanan riochdachaidh, cluiche is tracaidh a dhèanamh do Niteworks, Mairearad Green agus don t-sàr luchd-ciùil Fergie Dòmhnallach agus Christine Primrose.
GUTH LABHAIRT
Bidh sin ag obair an seo gu bitheanta air pròiseactan labhairteach, gu h-àraid air susbaint Gàidhlig. O chionn beagan bhliadhnaichean, tha sinn air deuchainnean, prògraman ionnsachaidh, leabhraichean-èisteachd, sanasan, siostaman-fòn agus prògraman rèidio a thoirt gu buil.
FUAIM AIRSON FILM
Tha an stiùidio cuideachd air susbaint fuaime a dhèanamh airson iomadh pròiseact film, telebhisein is dealbh-bheò an com-pàirteachas leis a' BhBC, Young Films, Rollo Films agus Cànan.